OSSIAN – The Pipes and the Story

Dates:

Times:

Doors at 6.45pm for a 7.30pm start

A unique combination of Scotland’s richest traditions of bagpipe music with some of its oldest stories. Though Fionn Mac Cumhail, Diarmaid, Grainnhe and Ossian are part of a shared Scottish-Irish saga, Scotland has its own version of these stories, and its own songs and music. By bringing these together in Stirling’s Great Hall, the Scottish International Storytelling Festival is re-mixing entertainment that goes back to the first Stewart Kings with their love of storytelling, poetry and music.

‘The Pipes and the Story’ assembles a stellar line-up of Scotland’s musical talent, including Ross Ainslie, Allan MacDonald, Brighde Chaimbeul, Griogair Labhruidh, and Angus and Kenneth MacKenzie.

Doors

6.45pm for a 7.30pm start. 2 hour 10 minute run time including a 30 minute interval. Finish time: 9.40pm

Tickets - Available now

• Full Price: £19.50
• Concession £16.00
• Child £12.00
• 10% off for Historic Scotland Members

Please note that there will be some disruption to rail services between Larbert and Dunblane from Sunday 14 to Sunday 21 October for electrification works. Replacement buses will be available. Please check before you travel and find out more information and updates from Scotrail or follow them on @scotrail

***

OSSIAN – A’ Phìob is an sgeul

Dèit:

Diardaoin aig 6:45f son tòiseachadh aig 7:30f

Oidhche de thrusadh sònraichte air tradiseanan pìob mhòr na h-Alba, cuide ri feadhainn de na sgeulachdan as sine a th’ againne. Tro Fionn Mac Colla, Diarmaid, Grainne is Ossian tha na gaisgich seo mar phàirt de cheanglaichean cultarach a tha ann eadar Alba is Èireann. Tha tionndaidhean sònraichte Albannach air na sgeulachdan, ceòl, is òrain seo. Le bhith a’ toirt an dà chultar còmhla an seo ann an Talla Mòr Caisteal Shruighlea, tha an Fhèis Aithris Sgeulachdan Eadar-nàiseanta na h-Alba a’ toirt sùil as ùr air fèisteas a tha cho sean ris na Stuibhairtich fhèin, is a’ togail air seann mheas a bh’ aca airson beul-aithris, bàrdachd is ceòl.

Tha ‘A’ Phìob is an Sgeul’ a’ toirt tàlant na h-Alba còmhla airson oidhche le Ross Ainsley, Ailean MacDhòmhnaill, Griogair Labhruidh is Aonghas is Coinneach MacCoinnich.

Dòrsan:

Diardaoin aig 6:45f son tòiseachadh aig 7:30f. Bidh an cuirm a’ ruith airson 2 uair is 10 mion le 30 mion airson fois sa mheadhan. 

Tiocaidean – Ri Fhaotainn an-dràsta

Prìs Slàn: £19.50

Lasachadh Phrìs: £16.00

Pàiste: £12:00

10% dheth airson buill Alba Aosmhor  

Thoiribh aire, ri linn obair dealanachaidh, bi briseadh air seirbheis rèile eadar Leth-Pheairt agus Dùn Bhlàthain bho Didòmhnaich 14 gu ruige Didòmhnaich 21 den Damhair. Bidh busaichean a’ ruith na àite. Thoiribh sùil air leasachaidhean ro shuibhail, is gheibhear barrachd fios bho Scotrail, no lean iad an seo @scotrail